Gàidhlig

Arc-eòlas Mara na h-Alba Gad Iarraidh!

’S e pròiseact arc-eòlas mara a th’ ann an SAMPHIRE agus tha e a’ buntainn ri cladaichean agus eileanan taobh an iar na h-Alba. Bidh SAMPHIRE a’ toirt cothrom do choimhearsnachdan ionadail a dhol an sàs le arc-eòlaichean proifeiseanta fo-uisge, a tha stèidhichte ann an Alba. Tha e ag amas air taic a chumail ri bhith ag aithneachadh agus a’ rannsachadh dualchas mara na h-Alba, agus a bhith a’ faotainn tlachd às.  Le bhith ag obair cuide ri coimhearsnachdan ionadail, tha sinn an dòchas gun daingnich sinn am beachd gu bheil e an urra rinn uile na làraichean arc-eòlais fo-uisge a ghlèidheadh.

Chaidh SAMPHIRE a dhealbh gus am bi a’ choimhearsnachd air cridhe pròiseas an arc-eòlais.

Ma chunnaic thu, no ma bha thu a’ dàibheadh, no ma tha fiosrachadh sam bith agad mu làraichean arc-eòlais fo-uisge air taobh an iar na h-Alba nach eil air an clàradh, tha sinn airson fios fhaighinn bhuat!

Ceistean Cumanta (FAQ)

Dè th’ ann an SAMPHIRE?

Tha Scottish Atlantic Maritime Past: Heritage, Investigation, Research and Education na phròiseact a chaidh a dhealbh ann an com-pàirteachas eadar WA Coastal & Marine agus an Royal Commission on Ancient and Historic Monuments of Scotland (RCAHMS). Tha am pròiseact stèidhichte air an dualchas chultarail  fon uisge ann an Alba, air taobh an iar na dùthcha agus anns na h-eileanan air cladach a’ Chuain Siar.

Carson SAMPHIRE?

Tha SAMPHIRE a’ toirt cothrom do choimhearsnachdan ionadail a dhol an sàs le arc-eòlaichean proifeiseanta ann an arc-eòlas fo-uisge a tha stèidhichte ann an Alba. Bheir SAMPHIRE cothrom do dh’arc-eòlaichean a tha proifeiseanta ann an arc-eòlas fo-uisge, a dhol an sàs le choimhearsnachdan-mara ionadail air taobh an iar na h-Alba, agus tha iad ag amas air taic a chumail ri bhith ag aithneachadh agus a’ rannsachadh dualchas mara na h-Alba a tha glèidhte fo agus air grunnd na mara agus airson faighear tlachd às.

Tha sinn an dòchas, le bhith a’ co-obrachadh, gun daingnich sinn tuigse gu bheil e an urra rinn uile na làraichean arc-eòlais fo-uisge a dhìon.

Bidh SAMPHIRE a’ cur ris an obair a rinneadh mar-thà, agus bheir e taic do stiùireadh an dualchais chultarail  fon uisge ann an Alba san àm ri teachd.

Cò iad sgioba SAMPHIRE?

Tha sgioba SAMPHIRE a’ gabhail a-steach dhàibhearan a tha stèidhichte ann an Alba agus arc-eòlaichean proifeiseanta. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun phròiseact agus mun fheadhainn a tha an sàs ann air a’ bhlog aig https://blogs.wessexarch.co.uk/samphire

Ciamar a thig mi an sàs ann?

Tha sinn an-còmhnaidh ro thoilichte bruidhinn ri duine sam bith mu arc-eòlas fo-uisge. Airson Samphire, tha sinn gu h-àraidh airson obrachadh cuide ri coimhearsnachdan ionadail agus luchd-cleachdaidh na mara air an taobh siar. Muinntir an àite no luchd-tadhail: ma tha ùidh agad ann an arc-eòlas fo-uisge, agus nam bu toigh leat an t-eòlas a th’ agad air làraichean fo-uisge sna sgìrean sin a thoirt do dhaoine eile, bu mhath leinn cluinntinn bhuat.

Dè nì mi mas aithne dhomh làrach arc-eòlais fo-uisge nach eil clàraichte?  

Cuir fios gu sgioba SAMPHIRE tron làraich-lìn againn: www.wessexarch.co.uk/alba  no cuir post-dealain thugainn aig samphire@wessexarch.co.uk.

No cuir fòn thugainn air 0131 524 9561 agus bruidhinn ri sgioba SAMPHIRE a tha stèidhichte ann an oifis Dhùn Èideann WA Coastal & Marine no sgrìobh gu Project SAMPHIRE, WA Coastal & Marine, 7/9 North Saint David Street,  Edinburgh, Midlothian EH2 1AW.

Bruidhnidh sinn mun fhiosrachadh a th’ againn mun làraich, agus bheir sinn sùil air na stòran-dàta arc-eòlais gus faicinn a bheil an làrach aithnichte mar-thà. Ma chaidh an làrach a chlàradh roimhe, chì sinn an tèid againn air barrachd fiosrachaidh a chur rithe. Mura bheil an làrach agad taobh a-staigh an raon sgrùdaidh againn,  faodar fios a chur ri buidhnean a leithid SCAPE Trust (airson làraichean ri taobh na mara air a’ chladach) no gu na com-pàirtichean againn aig an Royal Commission on the Ancient and Historical Monuments of Scotland (RCAHMS) a tha a’ cumail stòr-dàta nàiseanta den dualchas chultarail fon uisge ann an Alba.

Ciamar as urrainn dhomh a bhith an sàs ann an dèidh fiosrachadh a thoirt do SAMPHIRE?

Chaidh SAMPHIRE a dhealbh gus am biodh a’ choimhearsnachd air cridhe a’ phròiseis arc-eòlais. Nì sinn rannsachadh anns na h-aithisgean agus cuiridh sinn am fiosrachadh mun làraich thugad. Ma nì sinn barrachd rannsachaidh air an làraich, bheir sinn cuireadh dhut a thighinn an sàs ann, agus nì sinn ar dìcheall gus obrachadh cuide riut a rèir cuin as urrainn dhut obrachadh cuide ris an sgioba.

Cò tha a’ maoineachadh Pròiseact SAMPHIRE?

Tha SAMPHIRE air a mhaoineachadh le The Crown Estate‘s Marine Stewardship Fund.

Ciamar a gheibh mi fiosrachadh mu arc-eòlas fo-uisge agus an lagh? 

Tha mòran fiosrachaidh foillsichte ann agus fiosrachadh air cùisean laghail co-cheangailte ri arc-eòlas air grunnd na mara. Dh’fhoillsich an Joint Nautical Archaeology Policy Committee (JNAPC) leabhran beag feumail ‘Underwater Finds – Guidance For Divers’ anns a bheil a’ mhòr-chuid dhe na prìomh cheistean. Tha eòlas aig sgioba SAMPHIRE air an raon seo, agus feuchaidh iad ri gach ceist a fhreagairt. Cuimhnich, a rèir Merchant Shipping Act 1995 gum feumar innse dha Receiver of Wreck mu long-bhriseadh sam bith a thèid a lorg.  ’S urrainn dhuinn fhèin sin a dhèanamh dhut, agus sinn a’ coileanadh nan dleastanas laghail agad. ’S ma dh’fhaoidte gum faigheadh an neach a lorgadh an long duais-dhìolachd – ‘s e sin an suidheachadh lagha airson longan-briseadh an latha an-diugh agus longan eachdraidheil.

 

Leave a Reply